Cànain eile:

’S e amharc-lann phlanaidean saor is open source airson a’ choimpiutair agad a th’ ann an Stellarium. Seallaidh e na speuran ann an dòigh fhìor-riochdail 3D mar a chìtheadh tu le do shùil lom no le prosbaig iad.

Tha rionnag-earbaill a’ ruith seachad air a’ Bhliogh. ’S urrainn dhut roghainn de lùthan a thaghadh ann an uinneag an t-seallaidh.

Tha rionnag-earbaill a’ ruith seachad air a’ Bhliogh. ’S urrainn dhut roghainn de lùthan a thaghadh ann an uinneag an t-seallaidh.

seall glacaidhean-sgrìn »
An neul-reultan mòr san t-Sealgair Mhòr. Brùth air N gus leubailean nan neul-reultan a shealladh. Chì thu loidhnichean nan reul-bhadan cuideachd, brùth air C gus an sealltainn no am falach.

An deargan-doireann mòr san t-Sealgair Mhòr. Brùth air N gus leubailean nan deargan-doireann a shealladh.

seall glacaidhean-sgrìn »
Dannsa nam planaidean os coinn a’ phrìomh-àrais aig ESO faisg air München.

Dannsa nam planaidean os coinn a’ phrìomh-àrais aig ESO faisg air München.

seall glacaidhean-sgrìn »
Sealladh reultan slàn dhe na reul-bhadan, na crìochan aca, Slighe Chlann Uisnich.

Sealladh reultan slàn dhe na reul-bhadan, na crìochan aca, Slighe Chlann Uisnich.

seall glacaidhean-sgrìn »
Obair-ealain nan reul-bhadan air a cur air.

Obair-ealain nan reul-bhadan air a cur air.

seall glacaidhean-sgrìn »
',

Briog air an dealbh taobh clì airson mion-fhiosrachadh.

  • Slide 1
  • Slide 2
  • Slide 3
  • Slide 4
  • Slide 5

cruthan-tìre le luchd-cleachdaidh

Tha cruthan-tìre againn o na seachd mòr-thìrean (ann am modail nan seachd mòr-thìrean) uile, a’ gabhail a-staigh an t-Antartaig!

mar a stàlaicheas tu cruth-tìre

Nuair a bhios tu air faidhle .zip crutha-thìre a luchdadh a-nuas on duilleag seo, feumaidh tu a stàladh ann an Stellarium.

fèin-obrachail

Ma tha Stellarium 0.10.6 no as ùire agad, ’s urrainn dhut an gleus “Cuir ris/Thoir air falbh cruthan-tìre” a chleachdadh airson cruthan-tìre a stàladh gu fèinlobrachail:

  • Fosgail “Uinneag roghainnean an speura is an seallaidh” is tu a’ briogadh air a’ phutan aice air bàr nam putanan taobh clì (no brùth air iuchair F4).
  • Chì thu am putan “Cuir ris/Thoir air falbh cruthan-tìre” aig bonnan taba “Cruth-tìre”.
  • Nuair a nì thu brùthadh air, nochdaidh uinneag “Cuir ris/Thoir air falbh cruthan-tìre”. Leigidh i leat faidhlichean .zip a stàladh sa bheil cruthan-tìre. Chì thu liosta dhe na cruthan-tìre a chaidh a stàladh cuideachd agus ’s urrainn dhut an toirt air falbh.

Thoir an aire ged a nì seo stàladh nan cruthan-tìre nas fhasa, dh’fhaoidte nach mothaich thu air dè eile a bhios am broinn na tasg-lainn ZIP. Gabhaidh pacaidean chruthan-tìre a chaidh a chruthachadh gun aire air a’ ghleus seo a-staigh faidhlichean eile ma dh’fhaoidte, can roghainn eile de dh’innich air meudan eadar-dhealaichte.

a làimh

Ma tha thu a’ cleachdadh tionndadh nas sine de Stellarium, ’s urrainn dhut leantainn ris na ceuman seo airson pacaid crutha-tìre a stàladh:

  • Rùraich pasgan dàta a chleachdaiche – tha ionad a’ phasgain seo a-rèir an t-siostaim-obrachaidh agad.
  • Cruthaich fo-phasgan air a bheil landscapes ann am pasgan a’ chleachdaiche agad (mu eil e ann fhathast).
  • Dì-dhùmhlaich faidhle .zip a’ chrutha-tìre sa phasgan landscapes (ma nì thu mar bu chòir e, chì thu fo-phasgan airson gach cruth-tìre an uairsin).

tabhartasan

Nach co-roinn thu na cruthan-tìre gnàthaichte agad fhèin an-seo? Dèan dealbhagan de 200x114 piogsail ach am freagair iad ris a’ chòrr dhen duilleag. Gabh a-staigh earran “location” san fhaidhle landscape.ini agad sa bheil domhan-fhad (longitude), domhan-leud (latitude), àirde (altitude) agus planaid (planet) airson ionad a’ chrutha-tìre (cleachd cruth-tìre tùsail ’na bhall-eisimpleir).

Airson barrachd fiosrachaidh mu chruthachadh crutha-tìre, faic leabhar-mhìneachaidh Stellarium agus sgrùd cruthan-tìre a tha ann mu thràth. Ma tha duilgheadas agad, gheibh thu comhairle ma sgrìobhas tu air a’ bhòrd-bhrath.

nòta cudromach air meud nan dealbhan

CUDROMACH: Dèan cinnteach gum bi meud de cumhachdan slàna de 2 air a h-uile inneach, can 256, 512, 1024, 2048, 4096, 8192, 16384, … can 4096 le 1024, 2048 le 2048 is mar sin air adhart.

Seo cuingeachadh OpenGL. Obraichidh cuid a bhathar-cruaidh gun trioblaid le dealbhan air a bheil meud eile ach air iomadh bathar-cruaidh, cha dèid an sealltainn mar bu chòir, bidh reat fhrèaman mall ort no tuislidh iad an coimpiutair.

Dèan cinnteach gun gèill a h-uile cruth-tìre a cho-roinneas tu ris na riatanasan seo air no feumaidh sinn an ceangal agad a thoirt air falbh.

Thoir an aire nach làimhsich am bathar-cruaidh air mòran daoine innich glè mhòr. Tha seo an eisimeil air a’ bhathar-chruaidh ’s an draibhear. Is 2048x2048 no 4096x4096 am meud as motha air dealbhan gu tric.

susbaint na pacaide

Cuir an cruth-tìre agad am broinn faidhle .zip leis a h-uile faidhle am broinn pasgan san fhaidhle .zip. Bu chòir ainm a’ phasgain a bhith sònraichte dhan chruth-tìre agad agus mholamaid nach cleachd thu ach litrichean beaga gun stràcan no bheàrn.

Bu chòir dhut faidhle readme.txt a chur ris cuideachd a mhìnicheas an cruth-tìre agus cuingeachadh no teirmichean ceadachais sam bith air cleachdadh dealbhan a’ chrutha-tìre.

ceadachas

Mus sgaoil thu dealbhan mar phàirt de chruth-tìre Stellarium, dèan cinnteach gu bheil còir laghail agad orra – feumaidh còir-lethbhreac nan dealbhan a bhith agadsa no cead sgaoilidh eile a chùm sgaoilidh le Stellarium a bhith ann, can fo theirmichean aonta le seilbheadair na còrach-lethbhreac (can dealbhan fo cheadachas Creative Commons a lorg thu air an lìon).

Tha e cudromach gum mìnich thu gu soilleir dè na dòighean air a dh’fhaodar dealbhan do chrutha-tìre a chleachdadh. Bu chòir dhut sin a dhèanamh ann am faidhle readme.txt am broinn an fhaidhle .zip.

Mholamaid gun cleachd thu ceadachas open source a tha co-chòrdail ri Stellarium fhèin (can GNU GPL) no fear de na ceadachasan Creative Commons.

còdachadh nam faidhlichean

Bu chòir do chòdachadh UFT-8 no ASCII lom a bhith air an teacsa sna faidhlichean landscape.ini agus readme.txt. Bhiodh e glic còdachadh deiridh-loidhne Windows a chleachdadh (’s e seo CR LF). Obraichidh an dà chuid deireadh-loidhne Windows no *nix am broinn Stellarium ach bidh e tuilleadh is doirbh do luchd-cleachdaidh Windows faidhle readme.txt a chleachdas deiridhean-loidhne *nix a leughadh.

òstadh a dhìth ort?

Ma tha cruth-tìre agad a bu toigh leat a cho-roinneadh ach làrach-lìn a dhìth ort airson a luchdadh suas, cuir post-d gu neach-leasachaidh Stellarium sam bith agus cuiridh sinn ris an làrach-lìn againn fhèin e dhut.

langlinks